The Scottish Parliament's think-tank

Mu dheidhinn Fòram Alba air Thoiseach

Gaelic signage and leaflets situated in the Main hall of the Scottish Parliament. Pic - Andrew Cowan/Scottish Parliament

Is e Fòram Alba air Thoiseach a’ bhuidheann-bheachdachaidh mun àm ri teachd aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha sinn ag obair air bunait nach eil a’ bualadh air pàrtaidhean gus rannsachadh a chur air adhart agus deasbad a bhrosnachadh mu na dùbhlanan is na cothroman mu choinneamh na h-Alba san ùine fhada. Tha e nar n-amas fios a thoirt do na Buill agus eile agus cur air chomas dhaibh beachd a ghabhail air a’ bhuaidh a bheir co-dhùnaidhean a thathar a’ gabhail an-diugh air cor na h-Alba san ùine fhada ri teachd.

A’ sealltainn nas fhaide na cuairt nan taghaidhean a h-uile còig bliadhna agus air falbh bho phoilitigs phàrtaidhean, bidh Fòram Alba air Thoiseach a’ feuchainn ri seallaidhean, beachdan is cruthachadh ùr a thoirt a-steach air mar a dh’fhaodamaid ullachadh an-dràsta airson na h-ùine romhainn. Bidh sinn a’ cumail dheasbadan is sheiminearan agus a’ nochdadh bheachdan gus ceangal a dhèanamh ri luchd-pàrlamaid na h-Alba agus dùbhlan a thoirt air an cuid smaoineachaidh.

Tha an obair againn ga stiùireadh le bòrd luchd-stiùiridh, air a bheil Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid anns a’ chathair agus an dà chuid Buill is feadhainn nach eil nam Buill.


An obair againn

Thoir sùil air an leabharlann againn gus aithisgean a leughadh, èisteachd ri pod-chraolaidhean agus sealltainn air bhideothan bho na coinneamhan againn.


An obair againn anns a’ Ghàidhlig

Mar phàirt de ghealltanas Pàrlamaid na h-Alba taic a chur ris a’ Ghàidhlig, nuair a ghabhas e dèanamh bidh sinn a’ cumail thachartasan ann an Gàidhlig agus/no a’ toirt seachad dreach Gàidhlig de ghoireasan. 


Cuir fios thugainn

Ma tha ceistean agad, na biodh leisg ort conaltradh a dhèanamh rinn.

Post-dealain: ScotlandsFuturesForum@parliament.scot

Lean sinn air Twitter @ScotFutures